Candide

catholic by birth; scientist by choice; sinner by merit. gaidhlig-speaking neuroscience student at oxford. likes to question everything! @di_macd

Blathachadh na Cruinne

This story won second prize in the Northwards Now New Gaelic Fiction Competition. It has to be read carefully or the joke won’t be got!

“Tha an riaghaltas agaibh seasmhach. Gu dearbh fhèin, tha sinn deiseil airson buille sam bith a bheir Nàduir oirnn. Tha an t-àrm a’ gluasad. Tha sinn a’ dol gur cumail sàbhailt’. Tha sinne a’ dol gur dìon.”

            Cha robh guth aig a’ Mhìnisteir uasal air cò bu choireach gun robh an là seo air tighinn. Faclan snog, cofhurtail, a’ suaineadh a-mach às an rèidio, a’ snàigeadh a-steach tro mo chluasan, ‘s a’ faighinn smachd air m’inntinn. Briathran breugach brèagha. Thug mi breab dhan rèidio. Bha mi seachd searbh sgìth dha bhi ag èisdeachd ri srannalaich a’ Mhìnisteir. Cha robh a gheusan ‘s a gheallaidhean a’ dol a thràghadh an tuil.

            Dh’èirich mi, a’ casadaich ‘s a’ cofhurtaich, is plaide thana mam ghuailnean. Bha an saoghal a’ fàs teth ach bha mise fuar fuar. Cho fuar ris a’ phuinnsean, ri cridhe a’ Mhìnisteir. B’esan an aon chleasaiche a bha air fhàgail.An robh e a’ magadh oirnn, e fhèin sàsaichte le fhion ‘s le annlan? Chuir mi às a’ choinneal. Cha b’e solas iùil a bh’innte. Bha an dorchadas a’ sgaoileadh, cho farsaing ris a’ chuain. Bha an rèidio sàmhach san oiseann.

Nuair a dh’innis iad dhuinn gun robh an là seo a’ tighinn ‘s ann a dh’fheuch mi ri mi-fhìn fhalach ann an toll. Bha cabhaig orm. Chladhaich mi domhainn i. “Dùinibh an doras!” bhiodh an rèidio a’ sgiamhail, “Na tigibh a-mach! Dèan nead dhuibh pèin!” ‘s mar sin air adhart, gach comhairle a’ cur eagal às ùr orm. Ann an ciaradh balbh an t-saoghail an robh mi air fois fhaighinn mu dheireadh thall? Aig a’ cheann thall? Thug mi sùil air an dorchadas. Chaith mi smugaid. Bha mi seachd searbh sgìth a’ feitheamh. A’ feitheamh ri fairge, ri facal, ris an naidheachd dheireannach.

Ach, ged a ghlas mi mi fhìn ann am priosan, cha do chaith mi na h-iuchraichean air falbh. Dè feum a bh’ann feitheamh? Bha mi airson bàs an t-saoghail fhaicinn – air an dòigh sin, dhèanainn ciall dhan chùis. Cha robhas a’ dol gam thiodhlacadh mar ghealtaire aig aigeann a’ chuain ùr. Bha mi gus a bhith seasmhach, làidir, nam dhuine ceart. Bha mi gus an doras fhosgladh dhan tuil. Bha mi gus mo shùilean fhosgladh. Bha mi gus an rèidio a shadadh air falbh.

Read More