Candide

catholic by birth; scientist by choice; sinner by merit. gaidhlig-speaking neuroscience student at oxford. likes to question everything! @di_macd

Blathachadh na Cruinne

This story won second prize in the Northwards Now New Gaelic Fiction Competition. It has to be read carefully or the joke won’t be got!

“Tha an riaghaltas agaibh seasmhach. Gu dearbh fhèin, tha sinn deiseil airson buille sam bith a bheir Nàduir oirnn. Tha an t-àrm a’ gluasad. Tha sinn a’ dol gur cumail sàbhailt’. Tha sinne a’ dol gur dìon.”

            Cha robh guth aig a’ Mhìnisteir uasal air cò bu choireach gun robh an là seo air tighinn. Faclan snog, cofhurtail, a’ suaineadh a-mach às an rèidio, a’ snàigeadh a-steach tro mo chluasan, ‘s a’ faighinn smachd air m’inntinn. Briathran breugach brèagha. Thug mi breab dhan rèidio. Bha mi seachd searbh sgìth dha bhi ag èisdeachd ri srannalaich a’ Mhìnisteir. Cha robh a gheusan ‘s a gheallaidhean a’ dol a thràghadh an tuil.

            Dh’èirich mi, a’ casadaich ‘s a’ cofhurtaich, is plaide thana mam ghuailnean. Bha an saoghal a’ fàs teth ach bha mise fuar fuar. Cho fuar ris a’ phuinnsean, ri cridhe a’ Mhìnisteir. B’esan an aon chleasaiche a bha air fhàgail.An robh e a’ magadh oirnn, e fhèin sàsaichte le fhion ‘s le annlan? Chuir mi às a’ choinneal. Cha b’e solas iùil a bh’innte. Bha an dorchadas a’ sgaoileadh, cho farsaing ris a’ chuain. Bha an rèidio sàmhach san oiseann.

Nuair a dh’innis iad dhuinn gun robh an là seo a’ tighinn ‘s ann a dh’fheuch mi ri mi-fhìn fhalach ann an toll. Bha cabhaig orm. Chladhaich mi domhainn i. “Dùinibh an doras!” bhiodh an rèidio a’ sgiamhail, “Na tigibh a-mach! Dèan nead dhuibh pèin!” ‘s mar sin air adhart, gach comhairle a’ cur eagal às ùr orm. Ann an ciaradh balbh an t-saoghail an robh mi air fois fhaighinn mu dheireadh thall? Aig a’ cheann thall? Thug mi sùil air an dorchadas. Chaith mi smugaid. Bha mi seachd searbh sgìth a’ feitheamh. A’ feitheamh ri fairge, ri facal, ris an naidheachd dheireannach.

Ach, ged a ghlas mi mi fhìn ann am priosan, cha do chaith mi na h-iuchraichean air falbh. Dè feum a bh’ann feitheamh? Bha mi airson bàs an t-saoghail fhaicinn – air an dòigh sin, dhèanainn ciall dhan chùis. Cha robhas a’ dol gam thiodhlacadh mar ghealtaire aig aigeann a’ chuain ùr. Bha mi gus a bhith seasmhach, làidir, nam dhuine ceart. Bha mi gus an doras fhosgladh dhan tuil. Bha mi gus mo shùilean fhosgladh. Bha mi gus an rèidio a shadadh air falbh.


An là ud, chaidh m’inntinn troimhe-chèile. Shreap mi suas san àradh, mo chùl ris an tobar ghrannd ud a bha air a bhi na dhachaigh dhomh cho fada. Dh’fhosgail mi an doras agus bha mi ma sgaoil. Dh’fhairich mi soillse na grèine air m’aodann mar bhleideagan blàtha. Bha na gathan grèine a’ neartachadh mo chridhe lag. Sheas mi an àird. Bha a’ ghrian gam dhalladh. Bha am feur cho tiugh. Bha mi am meadhain muir uaine air choireigin. Rinn mi gàire. Ged a bha an saoghal blàth, bha i cuideachd tioram. Càit’ an robh na h-uisegachan? Bha mi air mo bhàthadh le ceistean…

            Smaonich mi air na daoine bochd eile – mo cho-chreutairean – dham falach fhèin fon ùir, a’ feitheamh ris a’ bhàs. Bha a’ ghrian na suidhe air a càthair òir. Cruinn agus blàth. Mam choinneamh, chunna mi rudeigin cruinn eile. Bha e geal mar an t-sàmchair. Mar gealach slàn air tuiteam às na speuran. An e ugh a bh’ann? A dh’fhàg na h-eoin nuair a thrèig iad am machair mallaichte seo. Ghabh mi greim air. Bha e cruaidh mar chridhe. Ugh cruaidh, blasda, loma-làn biadh.

            Ràinig mi bruthach. Bha bratach dhearg, beò le oiteag gaoithe, na sheasamh eadar a’ bhruthaich seo agus cnoc eile. Cha do shaoil mi dad dhi. Co-dhiù, cha robh a’ bhruthach cho cas sin. Choisich mi suas an dùil suidhe treis. Cha robh glaoicearachd rèidio gam chumail nam dhùisg a-nis. Bha mo shùilean a’ dùnadh, gu slaodach, a’ sireadh fois ann an cadal.

            BRAG! Mar pheilear a’ losgadh. An e an t-àrm a’ tarraing an gunnachan an aghaidh nan cuantan a bh’ann? An robh am batal ga shabaid an-dràsd fhèin? Dh’fhidir mi bruchdail eile – mo stamaig, acrach. Bha an t-àm ann piteag a dhèanamh dhom fhìn. Bha grian a’ priobadh a sùil rium. Cha robh mi fada a’ lasadh teine. Bha an teanga a’ dannsa mar fear ag innse sgeul. Lìon mi a’ phoit le uisge bhon bhotal agam is dh’fhàg mi a’ goil i. Bha an uisge ag òran mar chuan corrach sa bhàgh. Thilg mi an t-ugh dhan phoite. Shuidh mi an sin, a’ ghrian a’ dealradh, ag èisteachd ris an t-uisge a’ goil. Cha mhòr nach robh toileachas air làmh an uachdar fhaighinn orm a-rithist. Thòisich mi a’ feadaraich mar eun ann an cèidse.

            BRAG! ceum fuamhaire. Ach bha là ciùin ann. BRAG! An turas seo nas fhaisge. Shuath mi mo shùilean. Bha dithis choigreach a’ coiseachd a-nuas a’ chnuic. Bha a’ chiad fhear reamhar ‘s baga air a dhruim. Bha am fear eile àrd, coltas leòmach air, is ad ma cheann. Na làimh bha gunna fada meatailt mar fhiacail searbh. Saighdearan. Bha deiseachan geal orra, ge-tà. Saighdearan an t-sìth? An robh iad a’ tighinn gam ionnsaigh? Ach cha robh mis’ air eucor sam bith a dhèanamh. Cha robh mi ach a’ feitheamh mar a bha h-uile duine eile…

            Cho luath ‘s a ràinig iad bonn a’ chnuic stad an dithis. Sheas am fear as àirde, cho dìreach ri saighdear, is rinn e rudeigin annasach. Ghabh e greim air sròn a’ ghunna. Chuir e ceann eile a’ ghunna ris an fheur is dhragh e suas ma chùlaibh e mar gum biodh e gus ionnsaigh a thoirt air naimhdean anns an àdhar. Shlaod e an gunna timcheall an fheòir. BRAG! Dè idir a bha e ris?

            Nam inntinn, chuala mi a-rithist facail a’ Mhìnisteir: “Tha sinn deiseil airson buille sam bith a bheir naduir oirnn.” An e seo sinne a’ toirt buille an aghaidh Nàduir? A’ tarraing gunna an aghaidh na siantan? BRAG eile! An turas seo às a’ phoite. Bha an t-ugh deiseil. Dhòirt mi an t-uisge air falbh agus uisge a-nis mam fhiaclan. Nuair a bha mi beag, ‘s ann a bhiodh mo mhàthair a’ bruich ugh dhomh a h-uile madainn, Bhristinn leis an spainn e ‘s an uairsin bha buidheagan blasd’ a’ sruthadh às. Buidhe mar an t-solas. Dh’fhosgail mi mo bheul gus an t-slige a bhristeadh.

            An uairsin èigheachd. An robh na saighdearan air m’fhaicinn? Ach ‘s ann a bha iad a’ teicheadh. Chunna mi carbad nèonach air choireigin a’ dìreadh tarsainn a’ chnuice. Bha i geal le rothan beaga ‘s a’ falbh aig astar. Leum an dithis a-steach dhan charbad, an sùilean ris na speuran, a’ caitheamh seacaidean orra fhèin. Bha an saoghal a’ fàs nas neònaiche ‘s nas neònaiche.

            Dh’fheuch mi greim a thoirt às an t-ugh ach bha an t-slige cho chruaidh. Bhrist na fiaclan agam mar a bhrist mis’ an rèidio. Am pian! Leig mi às an t-ugh ‘s bha i a’ rollaigeadh sìos a’ bhruthaich. Geal air an uain’. Mar ulbhaig bho beul uaimh.

            Bha fuil a’ sruthadh bhom bhilean. Abhainn dhearg, meirgeach dearg. Dearg mar ghrian dol fodha. Dh’fhidir mi deòir air mo ghruaidhean ach dè bh’ann ach boinneagan uisge. Choimhead mi suas dhan iarmailt. Bha na speuran glas. Bha na speuran a’ gal. Shuidh mi an sin. Stòld. Bha an dithis air teicheadh sa charbad ac’. Bha fuil mo bheòil agus an uisge a’ dòrtadh còmhla. An robh rabhaidhean a’ Mhìnisteir air tighinn fìor?

            Rinn mi mo rathad sios a’ bhruthaich. Siud an t-ugh, slàn, sàbhailt’. Thog mi e is sheall mi gu geur ris. Mam bheulaibh bha toll air a chladhach anns an ùir, beag an coimeas ris an toll a rinn mise. Choimhead mi air. Cearcaill beag mar bheul fosgailt’. Cia mheud duine eile a bha air falach fon ùir, a’ feitheamh ‘s an saoghal coma!

            Stad an t-uisge. Bha a’ ghrian a’ gàireachdainn. Bha e soilleir a-nis. Chaidh breug innse dhuinn! Chunnaic mi bogha fhrois a’ sgeadachadh na speuran. Drochaid ioma-dhaiteach. Ach anns na h-uaighean far an robh na daoine air falach cha robh ann ach dorchadas.

            Bha là brèagha ann. Bha an t-ugh blàth fhathast. Chaith mi an t-sùil mu dheireadh air. Cruinn, blàth, ach cho geal ris an t-sneachda. Leig mi às e sìos an toll, chun na neochiontaich thruagh a bha beò an sin. Bha iadsan, coltach riumsa, a’ feitheamh ri naidheachd. Là air choireigin, gheibheadh iad a-mach … 

  • 15 February 2012
  • 2